Saidh-fi na Gàidhlig aig Aye Write

Nuair a leugh mi an leabhar sgoinneil aig Tim Armstrong ‘Air Cuan Dubh Drilseach’, thug e toileachas mòr dhomh, agus misneachd gus feuchainn air leabhar saidh-fi mi-fhìn. B’ e sin ‘Cailèideascop’.

Aig fèis Aye Write an ath mhìos, bruinnidh mi-fhìn ’s Tim air na leabhraichean againn, còmhla ri Alison Lang, deasaiche leabhair saidh-fi eireachdail eile – ‘An Taistealach’ le Iain F. MacLeòid.

Nach tigibh ann! 

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach