An t-iasg nach b’ urrainn snàmh

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba a’ ruith pròiseact an-dràsta – Reubalach – agus chaidh iarraidh orm le Comhairle nan Leabhraichean pìos rosg a sgrìobhadh air a shon.

‘S e an t-amas aig a’ phròiseact daoine a bhrosnachadh gus sgrìobhadh. Feumaidh e a bhith pearsanta. Feumaidh e a bhith fìor.

Chuir mi seachad beagan sheachdainnean a’ meòrachadh dè sgrìobhainn. An toiseach, bha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn mo sheann-sheanair – a bha dha-rìribh na reubalach, a’ trèanadh le Óglaigh na hÉireann ann an Baile a’ Bhàillidh faisg air Glaschu anns na làithean as dèidh Éirigh na Caisge. Tha mi air sgrìobhadh mu dhèidhinn roimhe.

Ach, aig a’ cheann thall, sgrìobh mi mu dhèidhinn na h-iomairt gus Amar-snàimh Shràid Chaladair a shàbhaladh – agus an latha nuair a nochd na poileis gus cuidhteas fhaighinn dhe na luchd-iomairt.

Bha mi an-sàs ann aig an àm. Anns an dealbh seo – a nochd anns A’ Herald – tha mi nam shuidhe air an taobh cheart, agus each poileis air a dhol seachad orm, os mo cheann.

Co-dhiù, seo agaibh an sgeulachd, agus seo agaibh cuideachd dàn brèagha a chaidh a sgrìobhadh le Anna Frater mar phàirt dhen phròiseact.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach