Mu m’ dhèidhinn

Chaidh an dealbh snasail seo a thogail aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann ann an 2016.

Rugadh mi ann an Siorrachd Lannraig a Tuath ann an 1972. Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Airson a’ chuid as motha de mo bheatha, dh’fhuirich mi ann an Glaschu, ’s mi ag obair anns na naidheachdan agus na meadhanan – ach tha mi san Leargaidh Ghallda a-nist.

Tha cuid dhe na dàin agam air nochdadh anns na h-irisean Poetry Scotland, Irish Pages, Northwords Now, An Guth, agus Gutter, a bharrachd air na duanairean New Writing Scotland, The Harbour, agus Windows on Burns Night 2012. Ann an 2013 chaidh an dàn agam ‘Lucozade’ ainmichte air gearr-liosta Chomórtas Filíochta an Choirnéil Eoghain Uí Néill, an co-fharpais Gaeilge / Gàidhlig son bàrdachd.

Fhuair mi àite mar Bhàrd air Muinntireas aig Fèis StAnza 2018, le taic bho Urras Edwin Morgan.

Bidh mi cuideachd a’ sgrìobhaidh rosg. Ann an 2015 chaidh a’ chiad nobhail ghoirid agam ‘Glainne’ fhoillseachadh le Sandstone Press. Agus chaidh a’ chiad nobhail agam ‘Cailèideascop’ fhoillseachadh le Luath Press ann an 2017.

Tro mo bheatha, tha mi air beò-shlàinte a dhèanamh mar neach-naidheachd agus oifigear mheadhanan. Tha barrachd fiosrachaidh air an sin ri fhaighinn air an duilleig LinkedIn agam.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach