Òran nan clachan

Tha mi uamhasach fhèin toilichte gun robh mi an sàs sa phròiseact seo airson Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

Chaidh iarraidh orm dà dhàn a sgrìobhadh – ann an Gàidhlig agus sa Bheurla Ghallda – a bha a-mach air cultar eachdraidheil cuid dhen na toglaichean brèagha a fo churam na buidhne.

Thug mi sùil air: Caisteal Dùn Staidhinis, far an deach Fionnghal Nic Dhòmhnaill a chumail an greim son greis; Caistel Cinn Droma, far an do chuir seachad Iarla Mharr iomadh oidhche a’ meòrachadh air dè an taobh a thèid e – dha na Seumasaich, neo dhan Rìaghaltas; Gearasdan Ruadhainn, a chaidh a thogail gus smac a chumail air a’ Ghàidhealtachd anns na bliadhnaichean as dèidh 1715; Caisteal Urchadain, a chaidh a ghlacadh ’s a chumail le Raibeart Brus, ’s e a’ caismeachd tron Ghleann Mhòr; Abaid Chrois Reagail, far an robh na Manaich Dhubha fad linntean; Caisteal Chiosmuil, sa bhàgh far an do dh’ fhalbh eilthrich bho Bharraigh ’s Uibhist airson Canada; Àrd-eaglais Eilginn, a chaidh a sgrios aig àm an Ath-leasachaidh, agus; Caisteal Bhruachaidh, far an robh Seanalair Monck, àrd chomandair fheachdan a’ Cho-fhlaitheis an Alba, a dh’ fhàs sgìth le cogadh as dèidh na rinn na sàighdearan aige ann an Dùn Dè.

Seo mar a sgrìobh mi an dà dhàn, taobh ri taobh:

Òran nan Clachan

Cha bhalbh na clachan seo idir – èist.
Tè òg uasal le blas Eilean Uibhist,
a’ seinn le bròn ann an Gàidhlig bhinn,
glas-làimhe dhubh air a craiceann fionn.
Bàta fo oiteag agus an caisteal air a chùl –
teaghlaichean a’ fàgail airson tìr nan craobh.
Òrdughan, peilearan, rianan catha,
Ceòl na caismeachd, an rìgh anns a’ bhlàr.
Deasbadan tethe air oidhcheannan san fhuachd,
uachdaran a’ meòrachadh air càite an tèid a chumhachd.
Ùrnaighean airson mathanas nam peacannan,
altachadh briste, a’ bristeadh nan leacan.
Fuil a’ sileadh ’s seanalair sgìth dheth,
na chluasan fhathast, caoineadh beag an leanaibh.
Sin uile glacte anns gach balla.
Cur làmh orra. Fairich am mac-talla.

Sang ae the stanes

These stanes arna soonless – hearken.
A quine fae Uist is quiet-like liltin
in Gylick sae doon-herted, dowie,
tinkling black chines ower her gentie bodie.
Sails in a braith o wind, wi the castle ahint
faimlies leein fir a kintra unkent.
Sodgers reddin up, the blatter ae stooer,
The muisic ae a king’s merch, michty in pooer.
Lang disputations on lang cauld nichts,
ane mickle laird sweir tae chuse whit’s richt.
Prayers tae Goad an benedictiouns,
Grace aw smattered, in years ae destructioun.
A general seeck scunnirt ae bluid awthegither
His lugs fu the screichs ae bairnies an mithers.
Thae soons ar aw kistit in ilka floor ablow.
Touch thaim. Ye maucht fin thair echo.

Agus seo mar a chaidh an dà dhan a chur seachad sa fiolm:

Caisteal Dùn Staidhinis Cha bhalbh na clachan seo idir – èist.
Tè òg uasal le blas Eilean Uibhist,a’ seinn le bròn ann an Gàidhlig bhinn,
glas-làimhe dhubh air a craiceann fionn.
Caistel Cinn Droma Lang disputations on lang cauld nichts,
ane mickle laird sweir tae chuse whit’s richt.
Gearasdan Ruadhainn Òrdughan, peilearan, rianan catha,
Caisteal Urchadain ceòl na caismeachd, an rìgh anns a’ bhlàr.
Abaid Chrois Reagail Prayers tae Goad and benedictions.
Caisteal Chiosmuil Bàta fo oiteag agus an caisteal air a chùl –
teaghlaichean a’ fàgail airson tìr nan craobh.
Àrd-eaglais Eilginn Grace aw smattered, in years ae destructioun.
Caisteal Bhruachaidh A general seeck scunnirt ae bluid awthegither
His lugs fu the screichs ae bairnies an mithers.Thae soons ar aw kistit in ilka floor ablow.
Touch thaim. Ye maucht fin thair echo.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach