Lucozade

Tinneas
na laighe ri taobh botal
còmhdaichte ann am fiolm orainds

dath
a ghabhas a thogail
gu faiceallach bhon ghlainne

fuar air do làmh
agus sracan ann
a bhios a’ lughdachadh

meud an t-saoghail ùir
neònach
a chì thu tron phlastaig

ciaradh an t-samhraidh
a’ nochdadh gu h-obann
air latha liath an earraich

agus blas an deoch
nad bheul
fhathast

milis
searbh
maireannach.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach