Fàisneachdan

Fo chluasagan mo shean
bha polomints
agus smuig-aodaich,

agus os cionn nan cluasagan,
air mullach chasan na leaba,
bha cnapan meatailt

ann an cruth
lòtasan
dùinte.

Bhiomaid gan togail,
mi fhìn ’s mo bhràthair,
agus a’ cur rudan sna beàrnan fodhpa –

pìosan beaga pàipeir,
fàisneachdan dìomhair,
ann an làmh-sgrìobhaidh neo-chiontach.

Nuair a bhàsaich i
chaidh an leabaidh a ghluasad
agus rùraich mi son meòrachan ar n-òige.

Agus cha robh sgeul orra idir.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach