Duilleag air beith

Chì mi beith tro uinneag
air nach eil gruag ùr uaine,
tha a geugan dubh lom a-nist
ann an geamhradh thar smuain.

Uill tha aon duilleag oirre fhathast
a tha beag bideach buidhe,
a’ tionndadh ann an oiteag
a tha, ’s cinnteach, fuar.

Ach fuirich. Tha uisge na maidne
a’ laighe oirre mar ghlainne,
a’ sgoltadh an solais
a-rèir laghan nàdair:

dathan a’ nochdadh,
dearg-uaine-buidhe-ghorm,
a’ lasadh gu luath
an aghaidh dhubharachd na coille,

a’ deàrrsadh mar an aon reul sin
a chì thu air oidhche sgòthach –
geal ’s uile dathach –
aobhar a bhith an dòchas.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach