Bastardin Bed

Anns a’ bhliadhna a chaidh seachad, dh’fhàs mi tinn air sgàth trom-inntinn, agus tha mi a-nist ag aithneachadh gur e rud a th’ air a bhith orm fad bliadhnaichean, ’s e air cron a dhèanamh orm agus air na daoine as fhaisge orm.

As dèidh na Bliadhna Ùire, bha e doirbh dhomh gluasad fiù ’s. Tha mi nas fhearr a-nist.

Nuair a bha mi aig Fèis Stanza, thug obair Ulrike Almut Sandig buaidh mhòr orm – an dòigh sa bhios i a’ cleachdadh fhuaimean agus innealan-fuaime. B’ fhiach a cluinntinn.

Co-dhiù, seo a’ chiad rud a tha mi air fheuchainn, ’s mi a’ cleachdadh clàraidhean-fuaime.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach