An Spealadair Aonaranach

(as dèidh an dàin le Wordsworth)

Bho Loch an Tuirc gu Rue Racine
agus air ais gu Loch an Tuirc

agus sibhse aig bòrd
a’ feuchainn ri cuimhneachadh
air turas eile
a-measg nan innsean iomallach –

latha an t-samhraidh
agus nighean a bha ris an fheur
a’ seinn, tha sibh ag innse dhuinn,
ann an teas àm nan cruachan.

An robh ad oirre idir
a’ chaileag bheag bhàn siud?
Neo an robh i mòr agus donn?
Chan eil sibhse ag ràdh.

Dh’èist sibh rithe co-dhiù,
ged nach do thuig sibh na sheinn i,
rud a bha fortanach
dhuibhse, mar bhàrd.

Oir tha aineolas na bheàrn
a ghabhas a lìonadh le faclan
mar Spiorad ’s Nàdar,
Eachdraidh ’s Saorsa.

Speal ann an làmh,
a’ gearradh an t-saoghail,
a’ dubhadh a-mach
loidhne mhì-fhreagarrach.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach