Leugh an Leabhar

Fhuair mi cothrom a bhruidhinn air Leugh an Leabhar air BBC Radio nan Gàidheal, mu dheidhinn an dàin Memmetaal / Mammietung a sgrìobh mi le cuideachadh Geart Tigchelaar

B’ urrainn dhut èisteachd ris an seo (bho 22.04).

Tha mi air tòiseachadh air a’ chruinneachadh aig Geart leech hert yn nij jek ag eadar-theangachadh bho Fhrìoslannais gu Albais. Urram a th’ ann a bhith ag obair air na dàin eireachdail aige.

Naidheachdan ri thighinn air an sin, tha mi ’n dòchas!

An t-iasg nach b’ urrainn snàmh

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba a’ ruith pròiseact an-dràsta – Reubalach – agus chaidh iarraidh orm le Comhairle nan Leabhraichean pìos rosg a sgrìobhadh air a shon.

‘S e an t-amas aig a’ phròiseact daoine a bhrosnachadh gus sgrìobhadh. Feumaidh e a bhith pearsanta. Feumaidh e a bhith fìor.

Chuir mi seachad beagan sheachdainnean a’ meòrachadh dè sgrìobhainn. An toiseach, bha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn mo sheann-sheanair – a bha dha-rìribh na reubalach, a’ trèanadh le Óglaigh na hÉireann ann an Baile a’ Bhàillidh faisg air Glaschu anns na làithean as dèidh Éirigh na Caisge. Tha mi air sgrìobhadh mu dhèidhinn roimhe.

Ach, aig a’ cheann thall, sgrìobh mi mu dhèidhinn na h-iomairt gus Amar-snàimh Shràid Chaladair a shàbhaladh – agus an latha nuair a nochd na poileis gus cuidhteas fhaighinn dhe na luchd-iomairt.

Bha mi an-sàs ann aig an àm. Anns an dealbh seo – a nochd anns A’ Herald – tha mi nam shuidhe air an taobh cheart, agus each poileis air a dhol seachad orm, os mo cheann.

Co-dhiù, seo agaibh an sgeulachd, agus seo agaibh cuideachd dàn brèagha a chaidh a sgrìobhadh le Anna Frater mar phàirt dhen phròiseact.

Steireoscop

“Dè bhios bàrd air muinntireas ris ma-thà?”

Chaidh a’ cheist sin a chur orm le càirdean ’s caraidean anns na seachdainean a dh’fhalbh, agus cha robh freagairt cheart agam idir.

Nuair a bhruidhinn mi ri Eleanor, stiùiriche StAnza, bha beachd neo dhà aice, ach cha robh càil ann idir a bha stèidhichte. Thig. Èist. Ionnsaich. Dèan caraidean ‘s ceanglaichean ùra.

Dè as fheàrr?

Ach, fhios agad, ‘s caomh leam a bhith ‘ag obair’ – neo bidh mi a’ faireachdainn ciontach ‘s gun fheum. Leis an sin, chuir mi dà rud romham – #leughadhaiganlinn agus Bàrdachd Steireoscopagach.

Leughadh aig an linn – tha sin furasta gu leòr. An aon turas roimhe a bha mi ann an Cill Rìmhinn (banais Mhìcheal Bauer ‘s Rob Wherret – beannachdan ‘s dùrachdan ‘s mìle taing dhaibh son cothrom a thoirt dhomh a bhith mar phàirt dhen latha bhrèagha ud) mhothaich mi an t-amar-snàimh aig Creag a’ Chaisteil. Leughadh bàrdachd ‘s snàmh. B’ urrainn dhomh sin a dhèanamh. Agus, le taic bho mo mhàthair Peanaidh Cole, tha mi air na leughaidhean sin a chlàradh.

An dàrna rud. Uill, an leabhar mu dheireadh a sgrìobh mi – ‘Cailèideascop’ – bha e stèidhichte gu ìre air beatha Sir Daibhidh Brewster. Chruthaich esan an cailèideascop. Agus bha e na ollamh ann am feallsanachd nàdarra (fiosaigs) aig Oilthigh Chill Rìmhinn anns na 1840an.

A bharrachd air a’ chailèideascop, b’ esan a thug fotografachd gu Alba an toiseach – aig ìre gu math tràth. Chan eil fhios aig mòran gur iad seallaidhean ‘s daoine bho Alba a tha a-measg na chiad rudan a chaidh a chlàradh air fotografan a-riamh.

Chruthaich Brewster inneal eile cuideachd – an steireoscop leansaichte. Sin inneal a bhiodh a’ coimhead air dà fhotograf tro leansaichean, agus a bhiodh an uairsin gan toirt dhan t-sùil mar dhealbh ann an trì dimeinsean.

Le sin, smaoinich mi, nì mi dàin steirosopagach – a’ feuchainn ri dà rud eadar-dhealaichte a thoirt còmhla gus dimeinsean ùr a dhèanamh asda. Urram do Bhrewster. Freagarrach son an leabhar agam. Freagarrach leis gu bheil an fhèis an Cill Rìmhinn.

Agus a’ chiad fheasgar a bha mi an seo, chuala mi bàrdachd ann am Frìoslannais, agus bhuail e orm cho mòr, na ceanglaichean eadar na cànain sin agus Albais. Dh’fhairich mi na faclan a bh’ aca aig mo bhonn. Cha mhòr gun robh mi gan tuigsinn. Aig ammanan, bha.

Co-dhiù. Shuidh mi sìos agus – le taic bhon eadar-lìn – rinn mi dàn ann an Frìoslannais agus Albais, a’ feuchainn ri sealltainn cho faisg ‘s tha iad. Rinn mo charaid ùr Geart Tigchelaar ceartaichean air na rinn mi (ach thuirt e gun d’ rinn mi ‘bloody good job’ air an rud – mo bheannachd air!) agus – leis an sin a chàirdean – seo agaibh a’ chiad dhàn steirosgopagach.

Wêrom soe ik it net doare?
Ik ha in memmetaal
en dy taal hat in froen.
Lit my gean dêre, oan har feestmiel
fan wurden waarm en licht,
en lit my my fol ite.
Myn tonge is net swier
gjin bân oer myn mûle –
har wurden smeitsje my goed.
Sâlt fan elke see hat wearde.
For how sad Ah no daur it?
Ah hae a mammietung
an that tung has a freen.
Lee me gang ther, tae her feastmeal
fu wurdies waarm an licht,
an lee me eat ma full.
Ma tung isna sweir
nae band oer ma mou –
her wurdies smak sae guid tae me.
Saut fae ilka sea has worth.

StAnza 2018 – Leughadh aig an linn

 

Scotland | St Andrews. St Andrews Castle Pool

Tha mi air mo dhòigh gu bheil mi gu bhith nam Bhàrd air Muinntireas aig Fèis StAnza 2018. Cha robh mi’n dùil ris a’ chothrom idir.

Tha mi a’ coimhead air adhart ris gu mòr. Ionnsaichidh mi tòrr, tha mi cinnteach, agus nì mi caraidean agus ceanglaichean ùra. Agus tha mi cho moiteil gu bheil mi a’ faighinn taic bhon Urras Edwin Morgan.

Dè bhios Bàrd air Munntireas ris ge-tà? Chan eil tachartas sònraichte agam ri libhrigeadh.  Thèid mi gu leughaidhean agus tachartasan eile, ’s cinnteach. Sgrìobhaidh mi.

Ach tha rudeigin eile nam inntinn. An aon thuras a bha mi ann an Cill Rìmhinn roimhe, snàmh mi ann an Amar Chnoc ‘ Chaisteil, agus tha dùil agam sin a dhèanamh a-rithist gach madainn a tha mi sa bhaile. Leughaidh mi bho obair sam bith a nì mi tron fhèis agus cuiridh mi fàilte mhòr air duine sam bith a bhios a’ tighinn ann airson leughadh, èisteachd agus –  gu h-àraidh – snàmh!